Published
The singer is Donald John MacDermaid, a collector of Gaelic songs in Cape Breton (particularly around the southeast areas of the Island). He lived in the United States for the majority of his life. He is remembered as one of the finest Cape Breton Gaelic singers.
The lyric uses the chorus of a popular old Gaelic song.
1. 'S iomadh plàigh a tha san t-saoghal,
'S iomadh call a thig air daoine,
'S iomadh nì tha milleadh ar saoghail
'S a' toirt adhbhar dhuinn bhith cràiteach.
Sèist
Thug mi 'n oidhche raoir san àirigh,
Thug mi 'n oidhche raoir san àirigh,
'N oidhche nochd gu cridheil coibhneil
Maille ri maighdeann dhonn na h-àirigh,
Thug mi 'n oidhche raoir san àirigh.
2. Tha na daolagan am bliadhna
Feadh gach raon buntàt' ri riasladh;
'S gann gun d'fhàg iad cnap gu biadh dhuinn,
'S cruaidh a dh'fheuch iad sinn le 'n cnàmhan.
3. Colorado fada 'n iar bhuainn
'S ann a dh'àraicheadh na biastan;
Ghluais iad às a sin gu lionmhor,
Greis a' sniagail, greis a' snàgail.
4. Nuair thig grian na madainn bhlàth oirnn
Chan eil àit' nach gabh iad faighinn;
Chi mi falbh iad anns an adhar,
'S bidh an rathad loma-làn dhiubh.
5. Chan eil meas ac' air lus foille,
No air lus tha fàs 's na coilltean;
'S e buntàta biadh an aoibhneis,
Cha bhi loinn às gun bhith làmh ris.
6. Chomha luath 's a chì iad duilleag
A' fàs suas gu bòidheach lurach,
Bidh am bus innte gu guineach
'S ithidh iad o bhun gu bàrr i.
7. Chan ith feannagan dubh nam beann iad,
'S chaneil cearc ann a thig teann orr';
Ged 's math càil a' choilich Fhrangaich,
Seachnaidh e le greann is gràin iad.
8. Tha iad mèathte, dèante, snaighte,
'S air am druim tha slige bhreac orr',
Cumail dion orra mar chaisteal,
Slige bhreac à loc cruaidh làidir.
9. Ma gheibh mise beagan saoghail
Chithear còmhlaichean mu na raointean,
Nach leum each 's nach leag na gaothan,
'S gheibh na daolagan an sàbh bhuam.
10. 'S iomadh bodach eutrom somalt'
'S cailleach gharbh tha sgìth a' cromadh,
A' cur cruinn nam biastan sgonnach
Chum an donnadh anns an àmhainn.
11. 'S iomadh òigear làidir sunndach
Agus caileag laghach ghaolach,
A tha sgìth a' cur nan caolan
Às na daolagan le clàran.
12. Bheir mi dhaibh am puinnsean neartmhor
Tha na Frangaich dhuinn a' cleachdadh;
Uair no dhà a h-uile seachdain
Ni mi 'm peacach gann de nàmhaid.